Cò ris a labhair thu briathran? Agus cò leis an spiorad a thàinig uat?
Achmhasan mo mhaslaidh cluinneam, agus tha spiorad mo thuigse a’ toirt orm freagairt.
Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?
Dealbhar nithean marbha fo na h‑uisgeachan, agus an luchd-àiteachaidh.
Oir tha mi làn de bhriathran; tha spiorad mo chuim gam èigneachadh.
An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.
Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.