Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 26:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cionnas a chomhairlich thu esan aig nach eil gliocas, agus a dh’fhoillsich thu gu pailt an nì mar a tha e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!

Ach agamsa tha tuigse, mar a tha agaibhse; chan ìsle mise na sibhse: agus cò aig nach eil fhios air an leithidean sin?

O nach robh sibh gu tur nur tosd! agus b’e sin ur gliocas.

Ach air ur son-se uile, tillibh agus thigibh a‑nis; agus chan fhaigh mi duine glic nur measg.

Cionnas a chuidich thu leis an tì a tha gun chumhachd? Cionnas a shaor thu an gàirdean a tha gun neart?

Cò ris a labhair thu briathran? Agus cò leis an spiorad a thàinig uat?

O ionracas mo chridhe thig mo bhriathran; agus labhraidh mo bhilean eòlas gu soilleir.

Mura eil, èisd thusa riumsa: bi ad thosd, agus teagaisgidh mise dhut gliocas.

Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas?

Nach eil mo chobhair annam fhèin? Agus an d’fhuadaicheadh gliocas uam?

Agus cionnas nach do ghlèidh mi nì sam bith am falach a bha feumail dhuibhse, gun a nochdadh dhuibh, agus gun sibhse a theagasg am follais, agus o thaigh gu taigh,

Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan