Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 26:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chrathadh agus chriothnaich an talamh: ghluaiseadh bunaitean nan nèamh agus chrathadh iad, a chionn gu robh fearg air.

Feuch, as a naoimh chan earb e; agus chan eil na nèamhan glan na shùilean.

Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche.

Le a chumhachd roinnidh e an fhairge, agus le a thuigse buailidh e an t‑uaibhreach.

An sin chrathadh agus chriothnaich an talamh, agus ghluaiseadh bunaitean nam beann agus chrathadh iad, a chionn gu robh corraich air.

Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd-àiteachaidh.

Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.

Labhair ri Serubabel uachdaran Iùdah, ag ràdh, Crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh;

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan