Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 26:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chuartaich e na h‑uisgeachan le crìochan, gus an teirig an là maille ris an oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t‑sìl-chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.

Criothnaichidh puist nan nèamh, agus bidh uamhas orra ra achmhasan.

An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt-ghaoith, agus thubhairt e,

Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad-san?

Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe?

Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh?

Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh.

Nuair a dheasaich e na nèamhan, bha mi an sin; nuair a tharraing e cuairt air aghaidh na doimhne;

Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan