Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Spìonaidh iad an dìlleachdan on chìch, agus on bhochd gabhaidh iad geall.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

A‑nis ghlaodh bean àraidh de mhnathan mic nam fàidh ri Elisa, ag ràdh, Fhuair d’òglach m’fhear bàs; agus tha fhios agad gu robh eagal an Tighearna air d’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mhac leis gu bhith nan tràillean aige.

Agus a‑nis mar fheòil ar bràithrean tha ar feòil-ne, mar am mic-san ar mic-ne; ach feuch, tha sinn a’ toirt thairis ar mac agus ar nigheanan gu bhith nan tràillean, agus tha cuid de ar nigheanan air an toirt thairis cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, nuair a tha ar fearann agus ar fìon-liosan aig daoine eile.

Oir ghabh thu geall od bhràithrean gun adhbhar, agus aodach nan lomnochd bhuin thu dhiubh.

Bheir iad air imeachd lomnochd, gun aodach; agus o na h‑acraich bheir iad leo an sguab.

Le frasan nam beann bidh iad fliuch, agus a dhìth fasgaidh gabhaidh iad nan glacan a’ charraig.

A chionn gun do shaor mi am bochd a bha ag èigheach, agus an dìlleachdan aig nach robh fear-cuideachaidh.

Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid.

Tionnsgnaidh an Tighearna ann am breitheanas ri seanairean a shluaigh, agus rin uachdarain, oir dh’ith sibh suas am fìonlios; tha creach nam bochd nur taighean.

Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan