Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bheir iad air an lomnochd laighe gun aodach, agus gun chòmhdachadh anns an fhuachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mar seo bha mi; anns an là chlaoidh an teas mi, agus an reodhadh anns an oidhche; agus dhealaich mo chadal rim shùilean.

Oir ghabh thu geall od bhràithrean gun adhbhar, agus aodach nan lomnochd bhuin thu dhiubh.

Bheir iad air imeachd lomnochd, gun aodach; agus o na h‑acraich bheir iad leo an sguab.

Anns an fhearann buainidh iad arbhar; agus cruinnichidh iad fìon-fhogharadh an aingidh.

Le frasan nam beann bidh iad fliuch, agus a dhìth fasgaidh gabhaidh iad nan glacan a’ charraig.

Chan eil eagal oirre ron t‑sneachd airson a teaghlaich; oir tha a teaghlach uile aodaichte le sgàrlaid.

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan