Feuch, mar asalan fiadhaich anns an fhàsach thèid iad a‑mach a‑chum an obrach, ag èirigh gu moch a‑chum creiche: bheir am fàsach biadh dhaibh dan òigridh.
Cuiridh tu, ach cha bhuain thu: bruthaidh tu meas a’ chroinn-ola, ach chan ung thu thu fhèin le ola; agus dearcan an fhìon nuaidh, ach chan òl thu fìon.
Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh:
Agus ithidh e toradh do sprèidhe, agus toradh d’fhearainn, gus an sgriosar thu: neach nach fàg agad arbhar, fìon, no ola, fàs do chruidh, no treudan do chaorach, gus an cuir e as dhut.