Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, mar asalan fiadhaich anns an fhàsach thèid iad a‑mach a‑chum an obrach, ag èirigh gu moch a‑chum creiche: bheir am fàsach biadh dhaibh dan òigridh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bidh e na dhuine fiadhaich; bidh a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh-san; agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnaidh.

Agus led chlaidheamh thig thu beò, agus dod bhràthair nì thu seirbhis: agus nuair a bhios an uachdaranachd agad, an sin brisidh tu a chuing od mhuineal.

Sìochail bidh pàilleanan chreachadairean; agus tèarainte bidh iadsan a bhrosnaicheas Dia; don tug Dia nì nan làimh.

Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche.

Anns an fhearann buainidh iad arbhar; agus cruinnichidh iad fìon-fhogharadh an aingidh.

Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin.

Thèid an duine a‑mach gu a obair, agus gu a shaothair gu feasgar.

Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam.

Mar asail fhiadhaich cleachdte ri fàsach, a thàirngeas a’ ghaoth suas na cuinneinean, ann an cìocras a h‑anama: an tràth a thig a miann, cò a thilleas i? Iadsan uile a bhios ga h‑iarraidh cha sgìthichear iad; an ceann a mìosa gheibh iad i.

Oir dh’ullaich iad an cridhe mar àmhainn, am feadh a tha iad ri feall-fhalach: fad na h‑oidhche tha am fuineadair a’ cadal; anns a’ mhadainn tha i a’ losgadh mar theine lasrach.

Oir chaidh iad suas gu Asiria: is asal fhiadhaich anns an aonach Ephraim; thuarasdalaich iad leannain.

Is truagh dhaibhsan a tha a’ dealbh aingidheachd, agus a’ cur an gnìomh uilc air an leapaichean; nuair a shoillsicheas a’ mhadainn tha iad ga dhèanamh, a chionn gu bheil e an comas an làimhe.

Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean-allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.

Agus air teachd don là, chruinnich dream àraidh de na h‑Iùdhaich an ceann a chèile, agus chuir iad iad fhèin fo mhallachadh, ag ràdh nach itheadh agus nach òladh iad gus am marbhadh iad Pòl.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan