A chionn nach do chuimhnich e tròcair a nochdadh, ach gun do gheur-lean e an duine bochd agus uireasbhaidheach, agus aig an robh cridhe goirt, a‑chum a mharbhadh.
Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan-cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh, agus nam feumach o mheasg dhaoine.
A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.
A shàraich am bochd agus am feumach, a chreach le fòirneart, nach tug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodhalan, a chuir an gnìomh gràinealachd,
A athair, a chionn gun do shàraich e gu h‑an‑iochdmhor, gun do chreach e a bhràthair le fòirneart, agus gun do rinn e an nì sin nach robh ceart am measg a shluaigh, feuch, bàsaichidh eadhon esan na aingidheachd.
Ghnàthaich sluagh an fhearainn ainneart, agus chuir iad an gnìomh reubainn, agus shàraich iad am bochd agus am feumach: seadh, rinn iad fòirneart air a’ choigreach gu h‑eucorach.
Tha iad a’ saltairt sìos ceann nam bochd ann an duslach na talmhainn, agus a’ fiaradh slighe nan daoine ciùine: agus tha duine agus a athair a’ dol a‑steach a‑chum na h‑aon ghruagaich, a thruailleadh m’ainm naoimh-sa.
Cluinnibh-se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid.