Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iomainidh iad air falbh asal nan dìlleachdan; mar gheall glacaidh iad damh na bantraich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid.

Ma ghabhas tu idir aodach do choimhearsnaich ann an geall, mu dhol fodha na grèine bheir thu air ais dha e:

Cha ghabh duine sam bith a’ chlach-mhuilinn ìochdarach no uachdarach mar gheall: oir tha e a’ gabhail anam duine mar gheall.

Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg.

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan