Ardaichear iad rè tamaill, ach cha bhi iad ann; ìslichear iad, agus mar na h‑uile bheirear air falbh iad, agus mar cheann dèise gearrar as iad.
Urramach fàsaidh a mhic, agus cha bhi fhios aige air; agus ìslichear iad, ach cha toir e fa‑near iad.
Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?
Caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus ann an tiota thèid iad sìos don uaigh.
Bidh fòidean a’ ghlinne milis dha, agus tàirngidh gach duine na dhèidh, mar a tha iad do‑àireamh roimhe.
Iadsan a dh’fhuathaicheas thu, còmhdaichear iad le nàire; agus cha bhi pàillean nan aingidh ann.
Oir fhathast tamall beag, agus cha bhi an t‑aingidh ann; seadh, bheir thu fa‑near a àite-san, agus cha bhi e ann.
Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!
Nuair a chinneas na h‑aingidh mar fheur, agus a thig uile luchd-dèanamh na h‑euceirt fo bhlàth, bidh iad air an sgrios am feasd.
Oir air èirigh don ghrèin le dian-theas, crìonaidh i am feur, agus tuitidh a bhlàth, agus thèid maise a dhreach am mugha: is amhail sin mar an ceudna a sheargas an duine saoibhir na shlighean.