Agus tàirngidh e na daoine treuna le a neart: èiridh e suas, agus chan eil neach air bith cinnteach de a bheatha.
Cuiridh e air falbh uachdarain creachte, agus tilgidh e sìos na cumhachdaich.
Ri a là bidh ioghnadh orrasan a thig na dhèidh, mar a ghlac uamhas iadsan a thàinig roimhe.
Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?
Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.