Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Atharraichidh iad na comharraidhean-talmhainn; bheir iad treudan leo le fòirneart, agus biadhaidh iad iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus leum na Sabèanaich orra, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh: agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldèanaich suas trì buidhnean, agus thug iad ionnsaigh air na càmhail, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise am aonar a dh’innse dhut.

A chionn gun do rinn e fòirneart, gun do thrèig e na bochdan, le ainneart gun tug e air falbh taigh nach do thog e.

Ma dh’èigheas m’fhearann am aghaidh, no ma ghearaineas mar an ceudna a chlaisean:

Agus ithidh an t‑acrach suas a fhogharadh, agus eadhon as na drisean gabhaidh e e: sluigidh an creachadair suas am maoin.

Na atharraich an seann chomharradh-crìche, a shuidhich d’athraichean.

Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:

Bha prionnsachan Iùdah cosmhail riùsan a dh’atharraicheas an comharradh-fearainn: dòirtidh mise mo chorraich a‑mach orra mar uisge.

Chan atharraich thu crìoch fearann do choimhearsnaich, a shuidhich na sinnsirean ad oighreachd a shealbhaicheas tu, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut ra shealbhachadh.

Mallaichte gu robh esan a dh’atharraicheas crìoch fearann a choimhearsnaich: agus their an sluagh uile, Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan