Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Luath tha e mar na h‑uisgeachan; mallaichear an cuibhreann air an talamh: chan fhaic e slighe nam fìonlios.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm-sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim.

Ruith thairis air d’fhearann mar abhainn, O nighean Tharsis; chan eil neart ann nas mò.

Tha mallachd an Tighearna ann an taigh an aingidh; ach beannaichidh e àite-còmhnaidh nam fìrean.

Biodh am bòrd fan comhair mar ribe, agus an soirbheachadh mar cheap-tuislidh dhaibh.

Leaghadh iad, mar uisgeachan a ruitheas gu saor; cuireadh Dia a shaighdean nan aghaidh, agus gearrar as iad.

A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait;

Ghabh iad seachad mar na longan luatha; mar an iolair a’ dol air iteig a‑chum cobhartaich.

Chunnaic mi an t‑amaideach a’ freumhachadh; ach mhallaich mi a àite-còmhnaidh air ball.

No dorchadas air chor is nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu.

Anns an fhearann buainidh iad arbhar; agus cruinnichidh iad fìon-fhogharadh an aingidh.

An taobh a‑staigh dem ballachan fàisgidh iad ola; bruthaidh iad am fìon-amair, agus fuilingidh iad tart.

Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan