Agus am prionnsa a tha nam measg giùlainidh e air a ghuaillean anns an dubh-anmoch, agus thèid e a‑mach: cladhaichidh iad tron bhalla, a‑chum giùlan a‑mach troimhe; còmhdaichidh e a aghaidh, air chor is nach faic e an làr le a shùilean.
Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.
Na taisgibh dhuibh fhèin ionmhasan air an talamh, far am mill an leòmann agus a’ mheirg e, agus far an cladhaich na mèirlich a‑steach agus an goid iad.
Oir gach neach a tha a’ dèanamh uilc, tha e a’ toirt fuatha don t‑solas, agus chan eil e a’ teachd a‑chum an t‑solais, air eagal gum biodh a obraichean air an cronachadh.