Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha iad dhiubhsan a dh’èireas suas an aghaidh an t‑solais; chan aithne dhaibh a shlighean, agus cha ghluais iad na cheuman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich i mu mheadhon-oidhche, agus thug i mo mhac-sa om thaobh, am feadh a bha do bhanoglach na cadal, agus chuir i na laighe e na h‑uchd fhèin, agus chuir i a mac marbh fhèin na laighe ann am uchd-sa.

As a’ bhaile tha daoine ag osnaich, agus èighidh anam nan daoine leònte; gidheadh cha chuir Dia amaideachd as an leth.

Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche.

Cladhaichidh iad anns an dorchadas tro thaighean a chomharraich iad dhaibh fhèin anns an là; chan aithne dhaibh an solas:

A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as.

Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd.

Anns an là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad mu mheadhon-là.

Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh.

An sin thubhairt Iosa riu, Fhathast rè tamaill bhig tha an solas maille ribh: gluaisibh am feadh is a tha solas agaibh, a‑chum nach beir an dorchadas oirbh: oir an tì a tha ag imeachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a’ dol.

Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn-sa iad.

Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.

An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal-sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam;

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.

Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.

Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha.

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.

Agus na h‑aingil nach do ghlèidh an ciad inbhe, ach a dh’fhàg an àite-còmhnaidh fhèin, choimhead e ann an gèimhlean sìorraidh fo dhorchadas, fa chomhair breitheanas an là mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan