Airson fòirneart nam bochd, airson osnaich nan ainnis, a‑nis èiridh mi, arsa an Tighearna; cuiridh mi e ann an tèarainteachd uaithesan a bhagras na aghaidh.
Na nithean seo rinn thu, agus bha mise am thosd; shaoil thu gu robh mi gu tur mar thu fhèin; cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach nì an òrdagh fa chomhair do shùl.
Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach.
An sin thionndaidh mi, agus dh’amhairc mi air gach uile fhòirneart a nìthear fon ghrèin, agus, feuch, deòir na dream a bha fo fhòirneart, agus gun aon fhear-comhfhurtachd aca! Agus air taobh an luchd-fòirneart bha neart, ach cha robh fear-comhfhurtachd acasan.
Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd-riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm-sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim.
Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?
Sgìthich sibh an Tighearna le ur briathran: gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha gach aon a tha a’ dèanamh uilc taitneach ann an sealladh an Tighearna; agus tha tlachd aige annta: no, Càit a bheil Dia a’ bhreitheanais?
Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh.
Agus measaibh gur slàinte fad-fhulangas ar Tighearna; amhail a sgrìobh ar bràthair gràdhach Pòl mar an ceudna dur n‑ionnsaigh, a rèir a’ ghliocais a thugadh dha;
Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.