Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 24:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An taobh a‑staigh dem ballachan fàisgidh iad ola; bruthaidh iad am fìon-amair, agus fuilingidh iad tart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Bheir iad air imeachd lomnochd, gun aodach; agus o na h‑acraich bheir iad leo an sguab.

As a’ bhaile tha daoine ag osnaich, agus èighidh anam nan daoine leònte; gidheadh cha chuir Dia amaideachd as an leth.

Luath tha e mar na h‑uisgeachan; mallaichear an cuibhreann air an talamh: chan fhaic e slighe nam fìonlios.

Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich; agus anns na fìonliosan cha dèan iad ceòl, cha tog iad iolach; anns na h‑amaran cha bhrùth am fear-bruthaidh fìon; thug mise air an iolach sgur.

Is an‑aoibhinn dhàsan a thogas a thaigh le eucoir, agus àrd-sheòmraichean le ana-cothrom; a ghabhas saothair a choimhearsnaich an asgaidh, agus airson obrach nach toir dha dìoladh.

Cha chuir thu ceangal air beul an daimh nuair a tha e a’ saltairt an arbhair.

Feuch, tha tuarasdal an luchd-obrach a bhuain sìos ur n‑achaidhean, nì a chumadh uapa leibhse le foill, ag èigheach; agus tha glaodhaich na muinntir a bhuain air dol a‑steach a‑chum cluasan Tighearna nan sluagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan