Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 23:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an làimh chlì, far a bheil e ag obrachadh, ach chan fhaic mi e; falaichidh e e fhèin air an làimh dheis, agus cha lèir dhomh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus na nithean seo dh’fhalaich thu ad chridhe: tha fhios agam gu bheil seo agad.

Ach is aithne dha an t‑slighe agam: nuair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a‑mach.

Feuch, thèid mi air m’aghaidh, ach chan eil esan ann; agus air m’ais, ach cha mhothaich mi e:

Nuair a bheir esan fois, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.

Ged their thu nach faic thu e, tha breitheanas na làthair; uime sin earb thusa as.

Feuch, thèid e seachad orm, agus chan fhaic mi e; agus gabhaidh e thairis, ach cha mhothaich mi e.

Cia fhad, a Thighearna, a dh’fhalaicheas tu thu fhèin gu tur, a loisgeas mar theine do chorraich?

Gu deimhinn is Dia thusa a tha gad fhalach fhèin, O Dhè Israeil, an Slànaighear.

Ach feithidh mise ris an Tighearna a tha a’ falach a ghnùise o thaigh Iàcoib, agus bidh sùil agam ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan