Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 23:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thagradh am fìrean ris, agus bhithinn air mo shaoradh gu bràth om bhritheamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna bidh e dhòmhsa a‑chum slàinte; oir cha tig cealgair na làthair.

Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.

Ach is aithne dha an t‑slighe agam: nuair a dhearbhas e mi, mar òr thig mi a‑mach.

Oir ged bhithinn ionraic, cha fhreagrainn e; air mo bhritheamh dh’aslaichinn.

Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?

An gleidhear fearg gu bràth? An cumar corraich gu sìorraidh air chuimhne? Feuch, labhair, agus rinn thu aingidheachd; agus chaidh e leat.

Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan