Le a mhòr-chumhachd an tagradh e am aghaidh? Chan eadh; ach chuireadh e neart annam.
Tarraing do làmh fada uam agus na cuireadh d’uamhann eagal orm.
Bhiodh fhios agam air na briathran leis am freagradh e mi, agus thuiginn ciod a theireadh e rium.
Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm air mo shon?
Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle.
Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?
Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.
Annamsa chan eil dian-chorraich. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile.
Ann an tomhas ceart nuair a bhriseas e a‑mach, nì thu tagradh ris. Choisg e a ghaoth gharbh ann an là na gaoithe an ear.
Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu cinnteach le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le corraich air a dòrtadh a‑mach, riaghlaidh mise os ur cionn:
Agus bheir mi sibh gu fàsach nam fineachan, agus an sin tagraidh mi ribh aghaidh ri aghaidh.