Chuirinn mo chùis an òrdagh na làthair, agus lìonainn mo bheul le argamaidean.
Agus thubhairt thu, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.
Feuch a‑nis, chuir mi mo chùis ann an òrdagh: tha fhios agam gun saorar mi.
Ach labhrainn-sa ris an Uile-chumhachdach, agus b’àill leam tagradh ri Dia.
Och, gun fhios agam càit am faighinn esan, agus gun tiginn a dh’ionnsaigh a àite!
Bhiodh fhios agam air na briathran leis am freagradh e mi, agus thuiginn ciod a theireadh e rium.
Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais.
An teagaisg esan a nì strì ris an Uile-chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.
Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr.
Thoir breith orm, a Dhè, agus tagair mo chùis; o chinneach an‑iochdmhor, o fhear na ceilge agus na h‑euceirt, saor thusa mi.
Cuir am chuimhne, tagramaid ri chèile; cuir an cèill do chùis, a dh’fheuchainn an glan thu thu fhèin.