Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 23:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.

Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.

Ach fhreagair Iob, agus thubhairt e,

Och, gun fhios agam càit am faighinn esan, agus gun tiginn a dh’ionnsaigh a àite!

Oir tha e a’ cur ceannairc ra pheacadh, a’ bualadh a bhas nar measg, agus a’ dèanamh a bhriathran lìonmhor an aghaidh Dhè.

Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.

Oir a là agus a dh’oidhche bha do làmh trom orm; tha mo bhrìgh air a h‑atharrachadh gu tiormachd an t‑samhraidh. Selah.

Suidhidh e na aonar, agus bidh e na thosd, a chionn gun do rinn e a giùlan.

A mhic an duine, feuch, bheir mise air falbh uat miann do shùl le buille: gidheadh cha dèan thu bròn no gul, cha mhò a shileas do dheòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan