Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 23:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thaisich Dia mo chridhe, agus chuir an t‑Uile-chumhachdach fiamh orm;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Ann an sìth bha mi, ach phronn e mi: agus rug e air mo mhuineal, agus chrath e as a chèile mi, agus chuir e suas mi dha fhèin mar chuspair.

Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe:

Mar as beò Dia a thug air falbh mo bhreitheanas, agus an t‑Uile-chumhachdach a chràidh m’anam,

Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.

Dh’imich d’fhearg gheur tharam; chlaoidh d’uamhasan mi.

Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

Agus a‑chum nach bi ur cridhe meata, cha mhò a bhios eagal oirbh ron iomradh a chluinnear anns an fhearann: oir thig an t‑iomradh air bliadhna, agus air an ath-bhliadhna na dhèidh sin thig iomradh, agus ainneart anns an fhearann, uachdaran an aghaidh uachdarain:

Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son;

Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile-chumhachdach gu ro‑gheur rium.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan