Tha fhios agam gach nì a nì Dia, gum bi e ann gu bràth; cha ghabh aon nì cur ris, no aon nì toirt uaithe: agus nì Dia seo, a‑chum gum biodh eagal air daoine roimhe.
A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi:
Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.