Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 23:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O àithne a bhilean cha deachaidh mi air m’ais; nas mò na mo dhlighe bìdh mheas mi briathran a bheòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Am beag leat sòlasan Dhè? Agus a bheil nì diamhair agad?

Gabh, guidheam ort, an lagh o a bheul, agus cuir suas a bhriathran ann ad chridhe.

Ach tha e anns an aon bheachd, agus cò a dh’iompaicheas e? Agus an nì as miann le a anam, sin nì e.

Glan tha mi, gun easaontas; neo-chiontach tha mi, agus chan eil euceart annam.

An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.

Cia milis lem bhlas do bhriathran! Nas mìlse tha iad na mil dom bheul.

Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.

Uime sin is annsa leamsa d’àitheantan na an t‑òr, seadh na an t‑òr fìorghlan.

Seasaidh comhairle an Tighearna gu sìorraidh, smuaintean a chridhe o linn gu linn.

Dìomhanas agus breugan cuir fada uam; na toir dhomh bochdainn no beartas, beathaich mi le biadh a bhios iomchaidh air mo shon.

Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.

Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?

Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich.

Ach thubhairt esan riu, Tha agamsa biadh ra ithe air nach eil fhios agaibhse.

Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh-sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.

An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal-sa, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam;

A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè.

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;

Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan