Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 23:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air a cheuman chùm mo chas; ghlèidh mi a shlighe agus cha do chlaon mi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agad nach do rinn mi gu h‑aingidh: agus chan eil neach ann a shaoras od làimh.

Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt.

Ma thionndaidh mo cheum as an t‑slighe, agus an dèidh mo shùl gun do ghluais mo chridhe, agus rim làmhan gun do lean smal air bith;

An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.

Rinn na h‑uaibhrich fanaid orm gu mòr; gidheadh od lagh cha do chlaon mi.

Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!

Cùm suas mo cheuman ann ad shlighean, a‑chum nach sleamhnaich mo chasan.

Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh.

Cha do thionndaidh ar cridhe air ais, agus cha do chlaon ar cas od shlighe,

Ged mhìn-phronn thu sinn ann an ionad dhràgon, agus ged chòmhdaich thu sinn le sgàil a’ bhàis.

Faigh gliocas; faigh tuigse: na dìochuimhnich, agus na claon o bhriathran mo bheòil.

Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.

Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:

Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se.

Is fianaisean sibhse, agus Dia, cia naomh, agus cia cothromach, agus neo-lochdach a ghiùlain sinn sinn fhèin nur measg-se a tha a’ creidsinn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan