Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chuir thu bantraichean uat falamh, agus bhriseadh gàirdeanan nan dìlleachdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Bidh e olc ris a’ mhnaoi neo-thorraich, nach beir clann; agus don bhantraich cha dèan e math.

Iomainidh iad air falbh asal nan dìlleachdan; mar gheall glacaidh iad damh na bantraich.

Ma thog mi mo làmh an aghaidh an dìlleachdain, nuair a chunnaic mi mo chòmhnadh anns a’ gheata;

Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid.

Bris thusa gàirdean an aingidh agus an droch dhuine; rannsaich a‑mach a aingidheachd gus nach faigh thu i.

Oir brisear gàirdeanan dhroch dhaoine, ach cumaidh Dia suas na fìreanan.

A mharbhas iad a’ bhantrach agus an coigreach, agus a mhortas iad na dìlleachdain;

Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.

Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair.

A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.

Ghearradh adharc Mhòaib uaithe, agus tha a ghàirdean air a bhriseadh, deir an Tighearna.

Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.

Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus brisidh mi a ghàirdeanan, esan a tha làidir, agus esan a bhriseadh: agus bheir mi air a’ chlaidheamh tuiteam as a làimh.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò.

Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan