Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha tug thu uisge don sgìth ri òl, agus on acrach chùm thu aran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Ma chùm mi na bochdan o am miann, agus ma thug mi air sùilean na bantraich fàilneachadh;

No ma dh’ith mi mo ghreim am aonar, agus nach d’ith an dìlleachdan dheth;

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

Sgaoil e, thug e do na bochdan; mairidh a fhìreantachd gu bràth; mairidh a adharc le urram.

An tì a ghabhas truas den bhochd, bheir e air iasad don Tighearna; agus an nì a bheir e uaithe, ìocaidh e dha a‑rìs.

Agus ma thiomaicheas d’anam ris an acrach, agus gun sàsaich thu an t‑anam leònte; an sin èiridh do sholas ann an doilleireachd agus bidh do dhorchadas mar mheadhon-là.

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

Nach do shàraich aon neach, nach do ghlèidh an geall, cha mhò a chreach le ainneart, ach a thug aran don acrach, agus a chòmhdaich an lomnochd le aodach;

Agus mura do shàraich e aon neach, ach gun tug e a gheall air ais don fheumach; mura do chreach e neach air bith le fòirneart, ach gun tug e aran don acrach, agus gun do chòmhdaich e an lomnochd le aodach;

Oir bha mi acrach, agus cha tug sibh dhomh biadh; bha mi tartmhor, agus cha tug sibh dhomh deoch:

Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan