A shàraich am bochd agus am feumach, a chreach le fòirneart, nach tug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodhalan, a chuir an gnìomh gràinealachd,
Nach do shàraich aon neach, nach do ghlèidh an geall, cha mhò a chreach le ainneart, ach a thug aran don acrach, agus a chòmhdaich an lomnochd le aodach;
Agus mura do shàraich e aon neach, ach gun tug e a gheall air ais don fheumach; mura do chreach e neach air bith le fòirneart, ach gun tug e aran don acrach, agus gun do chòmhdaich e an lomnochd le aodach;
Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.