Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat?
Gidheadh air a leithid sin dh’fhosgail thu do shùilean; agus mise tha thu a’ tabhairt gu breitheanas maille riut.
O nach faodadh duine tagradh ri Dia, mar a thagras mac an duine ra choimhearsnach!
Biodh eagal oirbh ron chlaidheamh; oir fàsaidh an claidheamh teth an aghaidh euceartan, a‑chum gum bi fhios agaibh gum bi breitheanas ann.
An toil-inntinn don Uile-chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan?
Oir cha leig e tuilleadh is a chòir air duine, a‑chum gun rachadh e ann am breitheanas ri Dia.
Am muir mi, no muc-mhara, gun cuireadh tu faire orm?
Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm air mo shon?
Oir cha duine e mar a tha mise, gum freagrainn e, gun tigeamaid cuideachd gu breitheanas.
Agus na tig ann am breitheanas led òglach; oir ann ad fhianais chan fhìreanaichear duine beò air bith.
Le achmhasain airson euceirt nuair a chronaicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caitheamh mar leòmann; gu deimhinn, is dìomhanas gach duine. Selah.
Led achmhasan, a Dhè Iàcoib, chuireadh araon am marcach agus an t‑each nan suain.
Loisgeadh i le teine, ghearradh sìos i; le achmhasan do ghnùise sgriosar iad.
Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e.
A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.