Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An toil-inntinn don Uile-chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.

Cò e an t‑Uile-chumhachdach, gun dèanamaid seirbhis dha? Agus ciod an tairbhe a bhios ann dhuinn, ma nì sinn ùrnaigh ris?

Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin?

Air eagal romhad an cronaich e thu? An tèid e a‑chum breitheanais leat?

Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia.

Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dhàsan? No ciod a gheibh e od làimh?

Chnuasaich mi do shlighean, agus thill mi mo chasan rid theisteis.

Thubhairt mi, Bheir mi an aire dom shlighean, nach peacaich mi lem theangaidh; gleidhidh mi srian air mo bheul, nuair a bhios an duine aingidh am fhianais.

Tha meidhean mealltach nan gràinealachd don Tighearna; ach is taitneach leis tomhaisean cearta.

Is gràinealachd don Tighearna iadsan a tha fiar nan cridhe; ach is taitneach leis iadsan a tha ionraic nan slighe.

Is gràinealachd don Tighearna bilean nam breug; ach is iad an dream a nì gu fìrinneach a thlachd.

Is gràinealachd don Tighearna ìobairt nan aingidh; ach is i ùrnaigh nan ionraic a thlachd.

Ma bhios tu glic, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e.

Sgìthich sibh an Tighearna le ur briathran: gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do sgìthich sinne e? Le sibh a bhith ag ràdh, Tha gach aon a tha a’ dèanamh uilc taitneach ann an sealladh an Tighearna; agus tha tlachd aige annta: no, Càit a bheil Dia a’ bhreitheanais?

Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo-lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan