Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu nì romhad, agus daingnichear dhut e; agus air do shlighean dealraichidh solas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nas soilleire na meadhon-là fàsaidh d’aois; ged robh thu ann an dorchadas, mar a’ mhadainn bidh tu.

Nuair a thug e air a lòchran dealrachadh air mo cheann, agus le a sholas a ghluais mi anns an dorchadas;

Saoraidh e a anam o dhol sìos don t‑sloc, agus chì a bheatha solas.

Bidh e mar chraoibh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a‑mach a toradh na h‑aimsir, agus nach caill a duilleach; agus soirbhichidh leis gach nì a nì e.

Ann an dorchadas èiridh solas do na fìreanan; gràsmhor agus làn truacantais, agus cothromach tha an Tighearna.

Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!

Agus biodh maise an Tighearna ar Dia oirnn, agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn; seadh, daingnich obair ar làmh.

Dh’èirich solas don fhìrean, agus aoibhneas dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe.

Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.

Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.

Cò esan a their, agus gun tig e gu crìch, nuair nach àithn an Tighearna?

Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.

Agus ge bè air bith nithean a dh’iarras sibh nur n‑ùrnaigh, ma chreideas sibh, gheibh sibh iad.

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

An àite gum bu chòir dhuibh a ràdh, Mas toil leis an Tighearna, bidh sinn beò, agus nì sinn seo, no siud.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan