Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh an t‑Uile-chumhachdach na dhìdean agad, agus bidh pailteas airgid agad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Agus cuiridh tu suas òr mar dhuslach, agus òr Ophir mar chlachan nan sruth.

Oir an sin bidh do thlachd anns an Uile-chumhachdach, agus togaidh tu suas do ghnùis a dh’ionnsaigh Dhè.

No maille ri uachdarain aig an robh òr, a lìon an taighean le airgead:

Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Agus bidh slàinte làidir, gliocas, agus eòlas, nan daingneachadh dod linn; tha eagal an Tighearna na ionmhas dha.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Is e an Tighearna mo chuibhreann, tha m’anam ag ràdh; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Mar dhream a tha brònach, gidheadh a‑ghnàth a’ dèanamh gàirdeachais; mar dhaoine bochda, gidheadh a tha a’ dèanamh mòran saoibhir; mar dhaoine aig nach eil nì sam bith, gidheadh a’ sealbhachadh nan uile nithean.

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan