An àite, nach do ghearradh ar maoin-ne sìos; ach loisgidh teine am fuidheall-san.
An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:
Nach eil sinn air ar meas leis mar choigrich? Oir reic e sinn, agus straoidh e mar an ceudna gu tur ar n‑airgead:
Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Thuit teine Dhè o na nèamhan, agus loisg e na caoraich, agus na h‑òglaich, agus chuir e as dhaibh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.
Cha triall e à dorchadas; tiormaichidh lasair a mheanglan; agus siùbhlaidh e le anail a bheòil.
Bidh gach uile dhorchadas falaichte na ionadan diamhair: loisgidh teine gun sèideadh e: èiridh gu h‑olc dhàsan a dh’fhàgar na phàillean.
Is e seo cuibhreann an duine aingidh o Dhia, agus an oighreachd a dh’òrdaicheadh dha le Dia.
Cuimhnich, guidheam ort, cò e an neochiontach a sgriosadh? No càit an do ghearradh as na h‑ionracain?