Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Do Dhia am faod duine a bhith tairbheach, mar a dh’fhaodas esan a tha glic a bhith tairbheach dha fhèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Cò e an t‑Uile-chumhachdach, gun dèanamaid seirbhis dha? Agus ciod an tairbhe a bhios ann dhuinn, ma nì sinn ùrnaigh ris?

An sin fhreagair Eliphas an Temanach, agus thubhairt e,

An toil-inntinn don Uile-chumhachdach gun saor thusa thu fhèin? Agus am buannachd e dhàsan, gun dèan thu do shlighean iomlan?

Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air?

Thubhairt mi ri Iehòbhah, Is tu mo Thighearna; cha ruig mo mhaitheas ortsa.

Ma bhios tu glic, bidh tu glic dhut fhèin: ach ma bhios tu ri fochaid, is tu fhèin a‑mhàin a dh’iomchaireas e.

Agus ma bheir do shùil dheas adhbhar tuislidh dhut, spìon a‑mach i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn.

Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo-thairbheach sinn: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh.

Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean:

Aitheantan an Tighearna a ghleidheadh, agus a reachdan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh airson do leas?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan