Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chì na h‑ionraic, agus bidh aoibhneas orra; agus nì an neo-chiontach gàire-fanaid riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Bidh uamhas air na h‑ionracain airson seo; agus dùisgidh an neo-chiontach an aghaidh a’ chealgair.

Ma mharbhas an t‑slat gu h‑obann, ri deuchainn nan neochiontach gàiridh e.

Chì na fìreanan seo, agus bidh iad ait, agus druididh gach euceart a beul.

Dèanadh sliabh Shioin aoibhneas, dèanadh nigheanan Iùdah gàirdeachas, airson do bhreitheanas.

Agus chì na fìreanan, agus bidh eagal orra, agus nì iad gàire uime, ag ràdh,

Bidh aoibhneas air an fhìrean, nuair a chì e an dìoghaltas; nighidh e a chasan ann am fuil an duine aingidh.

Nì am fìrean aoibhneas anns an Tighearna, agus cuiridh e a dhòchas ann; agus nì iadsan uile a tha ceart nan cridhe gàirdeachas.

Chuala Sion, agus bha aoibhneas oirre; agus rinn nigheanan Iùdah gàirdeachas airson do bhreitheanas, a Thighearna.

Nuair a dh’èireas gu math do na fìreanan, nì am baile gàirdeachas; agus nuair a sgriosar na h‑aingidh, bidh luathghaire ann.

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan