Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach eil Dia ann an àirde nan nèamh? Agus faic mullach nan rionnag, cia àrd a tha iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaghail a‑mach? An urrainn thu an t‑Uile-chumhachdach fhaghail a‑mach gu h‑iomlan?

Ard mar na nèamhan; ciod a nì thu? Nas doimhne na ifrinn; ciod as aithne dhut?

Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu.

Is leis an Tighearna na nèamhan, eadhon na nèamhan; ach an talamh thug e do chloinn nan daoine.

Ach tha ar Dia-ne anns na nèamhan, agus rinn e gach nì a b’àill leis.

Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.

Na bi bras led bheul, agus na luathaicheadh do chridhe gu nì a labhairt an làthair Dhè: oir tha Dia air nèamh, agus thusa air thalamh: uime sin biodh do bhriathran tearc.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan