Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 22:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

No dorchadas air chor is nach faiceadh tu; agus chòmhdaich pailteas uisgeachan thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Oir dìochuimhnichidh tu do dhochair; mar na h‑uisgeachan a chaidh seachad cuimhnichidh tu i:

Fògrar e o sholas gu dorchadas, agus as an t‑saoghal tilgear e.

Dorchaichear an solas na phàillean, agus cuirear as a lòchran aige.

Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman.

Luath tha e mar na h‑uisgeachan; mallaichear an cuibhreann air an talamh: chan fhaic e slighe nam fìonlios.

An tog thu suas a dh’ionnsaigh nan neul do ghuth, air chor is gun còmhdaich pailteas uisgeachan thu?

Anns an là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad mu mheadhon-là.

Tha doimhne a’ gairm air doimhne le fuaim d’fheadain uisge; chaidh do stuaighean agus do thonnan uile tharam.

Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh.

Agus seallaidh e air an talamh, agus feuch teanntachd agus doilleireachd; dubhar an àmhghair, agus tiugh-dhorchadas.

Stiùir e mi, agus thug e orm gluasad ann an dorchadas, agus chan ann an solas.

Chaidh uisgeachan thar mo cheann mar thuil; thubhairt mi, Tha mi air mo ghearradh as.

Oir thilg thu mi anns an doimhne, ann am meadhon na fairge; agus dh’iadh na tuiltean mum thimcheall; chaidh do shumainnean agus do thonnan-sa uile thairis orm.

Ach gun tilgear clann na rìoghachd ann an dorchadas a tha an leth a‑muigh; bidh an sin gul agus gìosgan fhiacal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan