Chunnaic mi na h‑uile nithean ann an làithean mo dhìomhanais; tha fìrean ann a bhàsaicheas na fhìreantachd, agus tha duine aingidh ann a shìneas a làithean na aingidheachd.
Tha dìomhanas ann a nìthear air an talamh, gu bheil fìreanan ann don tachair a rèir obair nan aingidh; agus gu bheil daoine aingidh ann don tachair a rèir obair nam fìrean: thubhairt mi gur dìomhanas seo mar an ceudna.
Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine.
Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?