Agus nuair a thog iad an sùilean fad as, agus nach d’aithnich iad e, thog iad an guth agus ghuil iad; agus reub iad gach fear a fhallaing, agus chrath iad duslach air an cinn a làimh nan nèamh.
Mar sin crathaidh e uisge air mòran chinneach; na fhianais druididh rìghrean am beòil; oir an nì nach do chuireadh an cèill dhaibh, chì iad; agus an nì nach cuala iad, bheir iad fa‑near.
Agus thubhairt iadsan ris, Bi ad thosd, cuir do làmh air do bheul, agus falbh maille rinne, agus bi dhuinn ad athair agus ad shagart: an fheàrr dhut a bhith ad shagart do thaigh aon duine, na thu a bhith ad shagart do threubh agus do theaghlach ann an Israel?