Am thaobh-sa, an ann ri duine a tha mo ghearan? Agus nam b’ann, carson nach biodh mo spiorad fo bhuaireas?
Gun sireadh tu airson m’euceirt, agus gun rannsaicheadh tu airson mo pheacaidh?
Ciod e mo neart, gum biodh dòchas agam? Agus ciod i mo chrìoch, gun sìninn mo bheatha?
A Thighearna, èisd rim ùrnaigh, agus thigeadh mo ghlaodh ad ionnsaigh.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.
An sin thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh-se an seo, agus dèanaibh faire maille riumsa.
Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann à ro‑mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a‑nis.