Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 21:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Tha d’uabhar air a thoirt a‑nuas a‑chum na h‑uaighe, agus fuaim d’innealan-ciùil; tha a’ chnuimh air a sgaoileadh fodhad, agus is iad na cnuimheagan do chòmhdachadh.

Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.

Tha a chnàmhan làn de pheacadh a òige, agus maille ris anns an duslach laighidh e.

Mar chaoraich cuirear iad anns an uaigh; ithidh am bàs iad, agus bidh uachdaranachd aig na fìreanan os an cionn anns a’ mhadainn; seargaidh an dreach as anns an uaigh, an ionad-còmhnaidh.

Dìochuimhnichidh a’ bhrù e; biadhaidh a’ chnuimh gu milis air; nas mò cha chuimhnichear e; agus brisear aingidheachd mar chrann.

Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia:

Ri truaillidheachd thubhairt mi, Is tu m’athair; ris a’ chnuimh, Is tu mo mhàthair, agus mo phiuthar.

Oir a‑nis laighinn sìos, agus gheibhinn fois; chaidlinn, an sin bhiodh tàmh agam;

Agus bàsaichidh e sin ann an seirbhe a anama, agus chan ith e idir le toil-inntinn.

Feuch, is aithne dhomh ur smuaintean, agus na h‑innleachdan a tha sibh a’ dealbhadh gu h‑eucorach am aghaidh:

Is olc seo am measg nan uile nithean a nìthear fon ghrèin, gun tachair an t‑aon nì dhaibh uile; agus mar an ceudna gu bheil cridhe clann nan daoine làn uilc, agus gu bheil cuthach nan cridhe am fad agus as beò iad, agus na dhèidh sin gun tèid iad a‑chum nam marbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan