Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 21:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bàsaichidh e sin ann an seirbhe a anama, agus chan ith e idir le toil-inntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Uime sin cha chùm mi mo bheul; labhraidh mi ann an teanntachd mo spioraid; gearainidh mi ann an seirbhe m’anama.

A mhic an duine, ith d’aran le crith, agus òl d’uisge le ball-chrith agus le cùram.

Duine don tug Dia beartas, agus saoibhreas, agus urram, agus gun e a dh’easbhaidh nì air bith da anam de na h‑uile a mhiannaicheas e, ach do nach eil Dia a’ tabhairt comais ithe dheth, ach tha coigreach ga ithe: is dìomhanas seo, agus is droch an‑shocair e.

Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.

Nuair a bhios e gus a bhrù a lìonadh, tilgidh Dia fraoch a fheirge air, agus frasaidh e air e nuair a bhios e ag ithe.

Tha m’anam sgìth dem bheatha; fàgaidh mi mo ghearan orm fhèin; labhraidh mi ann an seirbhe m’anama.

Cha leig e leam m’anail a tharraing, ach lìonaidh e mi le seirbhe.

Carson a thug e don truagh solas, agus beatha dhaibhsan a tha ann an searbhas anama:

Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.

Oir, arsa Husai, is aithne dhut d’athair agus a dhaoine, gur daoine treuna iad agus tha iad air am feargachadh nan spiorad, mar mhath-ghamhainn on tugadh a cuileanan anns a’ mhachair: agus is fear-cogaidh d’athair, agus cha ghabh e tàmh maille ris an t‑sluagh.

Tha a innidh làn saill, agus a chnàmhan air an taiseachadh le smior.

Cuideachd anns an duslach laighidh iad, agus còmhdaichidh cnuimhean iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan