Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 21:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod an tlachd a bhios aige na thaigh na dhèidh, nuair a ghearrar as àireamh a mhìos nam meadhon?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Urramach fàsaidh a mhic, agus cha bhi fhios aige air; agus ìslichear iad, ach cha toir e fa‑near iad.

Gu deimhinn tha a làithean suidhichte, tha àireamh a mhìos agadsa, dh’òrdaich thu a chrìochan, agus cha tèid e thairis orra.

Chì a shùilean a sgrios, agus de fheirg an Uile-chumhachdaich òlaidh e.

Do Dhia an teagaisg neach air bith eòlas, agus gur e fhèin a bheir breith orrasan a tha àrd?

Thubhairt mi, Mo Dhia, na toir air falbh mi ann am meadhon mo làithean; tha do bhliadhnachan-sa air feadh nan uile linn.

Ach tilgidh tusa, a Dhè, sìos iad gu sloc an sgrios; cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an làithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan