Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 21:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Am bris thu an duilleag a thilgear a‑null agus a‑nall? Agus an ruaig thu an asbhuain thioram?

A ghearradh sìos ron àm, agus thaom tuil thar am bunait;

Bheir a’ ghaoth an ear leatha e, agus siùbhlaidh e; agus le iomaghaoith grad-ghluaisidh i as a àit e.

Chan ann mar sin a bhios na h‑aingidh, ach mar mholl a sgapas a’ ghaoth.

Biodh iad mar mholl fa chomhair na gaoithe, agus aingeal an Tighearna gan ruagadh.

O mo Dhia, dèan iad mar roth, mar asbhuain ron ghaoith.

Mar a loisgeas teine a’ choille, agus mar a chuireas lasair na beanntan ri theine,

Agus ann am meud d’òirdheirceis chlaoidh thu iadsan a dh’èirich suas ad aghaidh; chuir thu d’fhearg a‑mach, loisg i suas iad mar asbhuain.

Mar a thèid an iomaghaoth thairis, mar sin cha bhi an droch dhuine nas mò; ach is bunait sìorraidh am fìrean.

Beucaidh na cinnich cosmhail ri toirm mòran uisgeachan; ach bheir Dia dhaibh achmhasan, agus teichidh iad fad air falbh; agus fuadaichear iad mar chanach an t‑slèibh ron ghaoith, agus mar chuairteig ron iomaghaoith.

Agus mar an dus mìn bidh mòr-bhuidheann do choigreach, agus bidh mòr-bhuidheann nan uamhasach mar am moll luaineach; agus tàrlaidh e ann an tiota, gu h‑obann.

Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt-ghaoth air falbh iad mar asbhuain.

Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.

Air an adhbhar sin sgapaidh mise iad mar an asbhuain, a shiùbhlas air falbh le gaoith an fhàsaich.

Air an adhbhar sin bidh iad mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh: mar am moll air fhuadachadh le cuairt-ghaoith on ùrlar-bhualaidh; agus mar thoit a‑mach as an luidhear.

Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn-thioram.

Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.

Aig a bheil a’ ghuit na làimh, agus glanaidh e gu ro‑bhuileach a ùrlar-bualaidh, agus cruinnichidh e a chruithneachd da thaigh-tasgaidh; ach loisgidh e am moll le teine nach faodar a mhùchadh.

A‑nis ma thogas neach air a’ bhunait seo, òr, airgead, clachan luachmhor, fiodh, feur, connlach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan