Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 21:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch, chan eil am math nan làimh: tha comhairle nan aingidh fada uamsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Nan diamhaireachd na tigeadh m’anam-sa: rin coitheanal na biodh m’onair-sa air a h‑aonadh: oir nan corraich mharbh iad duine, agus nam fèin-thoil leag iad sìos balla.

Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Am math leat gun sàraicheadh tu? Gun dèanadh tu tàir air obair do làmh? Agus gun dealraicheadh tu air comhairle nan aingidh?

Gidheadh lìon e an taighean le nithean matha: ach guma fada a bhios comhairle nan aingidh uamsa.

Is beannaichte an duine sin nach gluais ann an comhairle nan aingidh, agus nach seas ann an slighe nam peacach, agus nach suidh ann an cathair luchd-fanaid:

A mhic, ma thàlaidheas peacaich thu, na aontaich thusa leo;

Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagas do dhoras a taighe:

Chan eil duine sam bith aig a bheil cumhachd os cionn an spioraid, a chumail an spioraid, no cumhachd ann an là a’ bhàis; agus chan eil dol as anns a’ chath sin; cha mhò a theasairgeas aingidheachd iadsan a ghnàthaicheas i.

Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.

Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan