Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 21:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Togaidh iad an tiompan agus a’ chlàrsach; agus nì iad gàirdeachas ri fuaim an orgain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam, agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain, le tiompan, agus le clàrsaich?

Agus b’e ainm a bhràthar Iubal: b’esan athair nan uile a laimhsicheas clàrsach agus organ.

Cuiridh iad a‑mach an clann bheag mar threud; agus dannsaidh an gineal.

Caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus ann an tiota thèid iad sìos don uaigh.

Molaibh e le tiompan agus dannsa; molaibh e le innealan-ciùil nan teud agus le organ.

Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

Agus tha a’ chlàrsach, agus a’ chruit-chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan