Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 20:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar a aolach fhèin gu bràth thèid as dha: their iadsan a chunnaic e, Càit a bheil e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Uime sin, feuch, bheir mise olc air taigh Ierobòaim, agus gearraidh mi as o Ierobòam esan a nì uisge ri balla, esan a dhruideadh a‑steach agus a dh’fhàgadh ann an Israel; agus bheir mi air falbh fuidheall taigh Ierobòaim, mar a bheir neach air falbh aolach gus an teirig e.

Agus bidh closach Iesebeil mar aolach air aghaidh an fhearainn ann an cuibhreann Iesreeil, air chor is nach abair iad, Is i seo Iesebel.

Ach bàsaichidh fear, agus thèid gu tur as dha; agus bheir duine suas an deò, agus càit a bheil e?

Ma bhàsaicheas duine, an tig e beò? Uile làithean m’aimsire suidhichte feithidh mi, gus an tig mo chaochladh.

Buadhaichidh tu gu bràth na aghaidh, agus siùbhlaidh e: caochlaidh tu a ghnùis, agus cuiridh tu air falbh e.

Oir their sibh, Càit a bheil taigh an duine mhòir, agus càit a bheil ionadan-còmhnaidh nan aingidh?

Laighidh an saoibhir sìos, ach cha chruinnichear e: fosglaidh e a shùilean, agus chan eil e ann.

O mhadainn gu feasgar bruthar iad; gun neach ann ga thoirt fa‑near, thèid as dhaibh gu bràth.

Cha till e nas mò a dh’ionnsaigh a thaighe; agus chan aithnich a àit e nas mò.

Ma ghearras e as o a àit e, an sin àichidh e e, ag ràdh, Chan fhaca mi thu.

Chì an droch dhuine, agus bidh fearg air; casaidh e a fhiaclan, agus seargaidh e as; sgriosar miann nan aingidh.

Tha mo naimhdean a’ labhairt uilc orm, ag ràdh, Cuin a gheibh e bàs agus a sgriosar a ainm?

A sgriosadh aig En‑dor, a rinneadh mar aolach don talamh.

Iarraidh tu iad, agus chan fhaigh thu iad, eadhon na daoine a rinn strì riut; bidh na daoine a rinn cogadh riut mar neoni, agus mar nì gun bhrìgh.

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Ged àrdaich thu thu fhèin mar an iolair, agus ged shuidhich thu do nead am measg nan reultan, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan