Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 20:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tàirngear, agus thig a‑mach as a’ chorp, thig an claidheamh loinnreach a‑mach as a dhomblas: thig uamhasan air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Ioab, Chan fhaod mise fuireach mar seo maille riut. Agus ghabh e trì gathan na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, nuair a bha e fhathast beò ann am meadhon na craoibhe daraich.

Tha fuaim eagalach na chluasan: na shoirbheachadh thig am fear-millidh air.

Tha a luchd-shaighead gam chuartachadh air gach taobh: sgoiltidh e m’àirnean o chèile, agus cha chaomhain e; taomaidh e a‑mach mo dhomblas air an talamh.

Air gach taobh cuiridh uamhasan eagal air, agus fuadaichidh iad air a chasan e.

Spìonar as a phàillean a dhòchas; agus bheir e e gu rìgh nan uamhann.

Glacaidh uamhasan e mar uisgeachan: anns an oidhche goididh doineann air falbh e.

Oir tha saighdean an Uile-chumhachdaich annam, agus tha an nimh ag òl suas mo spioraid: tha uamhasan Dhè gan cur fhèin an òrdagh catha am aghaidh.

Mura till e, geuraichidh e a chlaidheamh; chuir e a bhogha air lagh, agus dheasaich e e.

Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!

Tha mise air mo chràdh, agus dlùth don bhàs, om òige; dh’fhuiling mi d’uamhasan, tha mi ann an imcheist.

Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.

Ma gheuraicheas mi mo chlaidheamh lasrach, agus ma nì mo làmh greim air breitheanas, ìocaidh mi dìoghaltas dom naimhdean, agus bheir mi luigheachd dhaibhsan aig a bheil fuath dhomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan